Issue 1: Willkommen Dhachaigh - Robbie MacLeòid

Taken from Issue 1 of 404 Ink | Air ùr-dhùsgadh o mo norrag làitheil (eadar 2f agus 4f), agus a’ sealltainn a-mach dorsan Tyrellan Heights gu dealbh glas an latha, cha tàinig sìon sam bith a-steach orm. Bha uair a thìde agam airson m’ fhiaclan a ghlanadh agus a dhèanamh boillsgeach, m’ fhalt a chàradh, agus mo ghàire airson an latha fheuchainn. Thòisicheadh iad a’ nochdadh às dèidh 5f, an toiseach mar bhoinneagan, ach gu slaodach a’ tighinn nan sruth. Agus tha mi eòlach air gach aon dhiubh.

5.01f, nochdadh Àireamh a h-Aon, fear àrd tana caol, aodann tana, tana, tana. Bhiodh màileid aige gach latha den t-seachdain, agus bhithinn a’ tomhas dè bha na broinn gach latha. Diluain ’s dòcha gur e na foirmean a bh’ aige airson cuideigineach o thall thairis, nach biodh san dùthaich ach airson latha a-mhàin, agus bha e fo chùram air eagal ’s nach robh na foirmean air an eadar-theangachadh gu ceart. Dimàirt ’s dòcha gur e dealbhan a rinn a nighean dha, is i ga ionndrainn on a ghluais e a-steach an seo. Dihaoine ’s dòcha gur e foirmean airson cur às dha còmhnaidh aig Tyrellan Heights – no duilleag airson fàgail às dèidh dha cur às dha fhèin. Dè bha dol air cùl nan sùilean dubha ud? Chruthaichinn beachd ùr gach latha dha, mar thiodhlac, ged nach do mhothaich e a-riamh. “Willkommen dhachaigh.” Ghnogadh e cheann nuair a chanainn sin, ach cha shealladh e orm.

5.04f thilleadh Àireamh a Dhà. Tè inntinneach a th’ innte, is i an-còmhnaidh a’ cabadaich. O, chan ann riumsa, fhios ’ad, chan ann, chan ann, chan ann. Ach bhon a thig i tron doras gloinne ud gus an àm a tha dorsan an àrdaicheir a’ dùnadh, bidh i a’ bruidhinn, mar gum biodh caraid còmhla rithe. Nach eil sin àraid? Feumaidh gu bheil aon de na rudan ud aice na cluais, no na beul, fhios agad? Na creutairean àraid ud. Chan fhaca mi a-riamh gàire air a h-aghaidh ach a’ ghàire bheag a dhèanadh i riumsa fhad ’s a bha i a’ bruidhinn. Mar gum b’ e caraid dhomh a bh’ innte, agus gun robh i eòlach orm, agus gun robh i duilich gun robh ge bith cò ris a bha i a’ bruidhinn a’ cur bacadh air ar còmhradh fhìn.

A-nis, às dèidh Àireamh a Dhà tha beàrn mhòr ann – cha bhi duine a’ nochdadh airson sia mionaidean.

Eòlach air gach aon dhiubh. Chan ann air an ainmean, seadh, aidichidh mi sin, ach gu dè am feum a th’ ann an eòlas ainmean? Eòlas anmannan a tha nas cudromaiche. Chan eil fhios acasan idir air m’ ainm-sa, ach chan eil sin a’ ciallachadh nach eil iad eòlach orm, a bheil? (Chan eil!)
 

Co-dhiù, aig 5.10f nochdadh Àireamh a Trì. Chan eil fhios nach robh esan uair dèidheil air an deoch, no na dathan no rudeigin den leithid, oir bha a shùilean lom. Chan eil mi a’ ciallachadh gun robh coltas ann gun robh e an-còmhnaidh a’ sealltainn air rudeigin fad às, tha mi a’ ciallachadh nach robh ach geal na shùilean, fhios ’ad, mar a chithear le muinntir na dibhe. Co-dhiù, shealladh e orm nuair a chanainn “Willkommen dhachaigh” ris – uill, shaoilinn gun robh e a’ coimhead orm, fhios ’ad, ach tha e duilich a ràdh leis nach robh pongan beaga dubha aige na shùilean. Cha nochdadh gàire no bròn air aodann; shealladh e orm, choisicheadh e seachad, bheireadh e air putan an àrdaicheir, dh’fhosgladh na dorsan agus dheidheadh e à sealladh.

Tha cuid de dhaoine nas càileire na feadhainn eile.

A’ tilleadh gu ainmean, saoil a bheil iad air ainm a thoirt ormsa, nan inntinn is nan eanchainn? Saoil a bheil ainm eadar-dhealaichte aig gach aon dhiubh ormsa? ’S dòcha gur e “An Neach Fàilte” a th’ aig Àireamh a h-Aon orm. ’S dòcha “Fear an Taighe” no “Bean an Dorais” a th’ aig Àireamh a Dhà orm. No ’s dòcha nach eilear ach a’ smaointinn orm mar seo: “Willkommen dhachaigh”.

’S e 5.13f an turas mu dheireadh a bhios neach a’ tighinn a-steach na aonar – às dèidh sin ’s e dithistean is triùirean is fiù ’s ceathrar no dhà a bhios a’ tighinn a-steach. Agus, na togaibh seo ceàrr, a dhaoine a tha an-còmhnaidh ann an triùirean no ceathraran, ach chan eil mi idir a’ faireachdainn cho faisg air na daoine sin is a tha mi air an fheadhainn a bhios a’ tighinn a-steach nan aonar. Ma dh’fhaodte gur ann leis nach bi na dithistean agus na triùirean an-còmhnaidh a’ dèanamh an aon rud gach latha – ag amannan, bidh iad ri gàire, amannan eile ri còmhradh, amannan eile a’ strì. Agus tha seo fìor, tha, ged nach creideadh tue – chunnaic mi dithist agus bha iad a’ cur am bilean ri chèile. Nach eil sin àraid? Agus bha an gàirdeanan air a chèile cuideachd, tha sin dìreach gòrach. Tric ’s e an dithist ud a bhios a’ tighinn aig 5.43f, fhios ’ad, Àireamh Ceathrad ’s a h-Aon agus Àireamh Ceathrad ’s a Dhà, a th’ annta. Innsidh mi seo dhuibh, ach na canaibh guth ri taibhse, tha mi air tòiseachadh air smaointinn orra mar “An Dithist Amadan” an àite Àireamh Ceathrad ’s a h-Aon agus Àireamh Ceathrad ’s a Dhà! Ach chan eil sin ceart, chan eil idir. Àireamh Ceathrad ’s a h-Aon agus Àireamh Ceathrad ’s a Dhà a th’ annta gu ceart, fhios ’ad.

Bidh Àireamh a h-Aon-Deug agus Àireamh a Trì-Deug a’ tighinn a-steach aig amannan eadar-dhealaichte, le buidhnean eadar-dhealaichte, ach tha mi cinnteach gu bheil an aon fhàileadh orra. Nach eil sin àraid cuideachd? Chan eil mi gus cus ùine a chosg orra ge-tà, nuair a tha fhathast Àireamhan Aon gu Ceithir cho inntinneach. Saoil dè dìreach a th’ ann am màileid Àireimh a h-Aon. Dòchas? Breisleach?

Co-dhiù, aig 5.13f bidh Àireamh a Ceithir a’ nochdadh. Chan urrainn dhomh cuimhneachadh buileach dè an coltas a th’ air (a th’ oirre?), ach nuair a chì mi e no i gach latha tha mi a’ cuimhneachadh, agus ciamar a b’ urrainn dhomh a dhìochuimhneachadh?

Aon latha, bidh an t-airgead agam àite a ghlèidheadh dhomh fhìn ann an Tyrellan Heights. Choisichinn a-steach gach latha aig 5.07f, gus am biodh gach nì rèidh is cothromach. Bu chòir do chuideigin tighinn aig 5.07f, fhios ’ad. Bidh aig 5.01f, 5.04f, [5.07f], 5.10f, 5.13f, mar sin tha còir aig cuideigineach tighinn aig 5.07f, cuideigin a’ tilleadh dhachaigh, cudeigin is carson nach bu mhise a bhiodh ann?

Agus chanadh cuideigin eile na faclan seasmhach, daingeann ud riumsa.

Uill, co-dhiù, ’s fheudar dhomh bhith tilleadh dhan leabaidh. Chan eil feum orm gu 7m air làrna mhàireach airson suidhe is gan coimhead uile a’ fàgail son an latha, gach latha, 7–9m, mar is càilear, mar is taitneach. Chan eil faclan agam anns a’ mhadainn ge-tà, chan eil faclan a dhìth, tha mi ann mar phongan a dh’aithnicheas iad, fhios ’ad. Caillidh mi mo bhriathran sa mhadainn, ach tha iad an-còmhnaidh gam fheitheamh nuair a dhùisgeas mi aig 4f, mar charaid cunbhalach còir.

Tha mi smaointinn gu bheil eagal orm, ach chan eil mi cinnteach. Mas e ’s gu bheil, bidh e leis nach eil feum agam ach air dà fhacal a-mhàin – ‘Willkommen’ agus ‘dhachaigh’. Tha eagal orm, mas e ’s gu bheil, agus chan eil mi cinnteach a bheil, fhios ’ad, ach mas e ’s gu bheil, tha eagal orm gun ionnsaich iad gu bheil barrachd na dà fhacal agam nam eanchainn, is gum bi mi air an fheasgar mar a tha mi air madainn, fhios ’ad, gun fhaclan, uill, gun fhaclan ach na dhà:

“Willkommen dhachaigh.”

Na faclan reusanta, daingeann, seasmhach ud.

“Willkommen dhachaigh.”

Chan eil e dèanamh ciall ma-thà, mas e ’s gu bheil eagal orm, gu bheil mi a’ cantainn na h-aona h-abairt rium fhèin gach oidhche mus tèid mi a-steach dhan leabaidh: “Oidhche mhath a charaid.”

Agus an uair sin, air oir a’ bhruadair:

“Willkommen dhachaigh.”

- By Robbie MacLeòid